Lebor Gabála Érenn

Gearr leum gu: seòladh, lorg
Tùr Iorcaill, Corùna, a' Ghàilis, anns an Spàinnt - tùr a thog na Ròmanaich far an robh an seann tùr Ceilteach

'S e co-chruinneachadh de bhàrdachd is rosg a th' ann an Lebor Gabála Érenn, Leabhar Gabhalaichean na h-Èireann neo Leabhar nan Ionnsaighean a chaidh a sgrìobhadh ann an 11mh Linn AC, far an deach seann eachdraidh na h-Èireann is freumhan nan Gàidheal a mhìneachadh tro mheadhan fhionn-sgeulan, bho Chruthachadh an t-Saoghail gus na Meadhan-aoisean.

Tùsan

Chaidh a sgrìobhadh mar sheòrsa de Seann-Tiomnadh Ghàidhealach far an robh na Gàidheil a' sireadh Tìr a' Gheallaidh, is lorgar ann buaidh bho obraichean Crìostaidh eile, mar eisimpleir:

Cuideachd, tha buaidh bho sgeulachdan ro-Chriostaidh a tha coltach ri sgeulachdan a bha aig Ceiltich na Roinn Eòrpa is aig na Breatannaich.

Susbaintean

Roinnte eadar 10 leabhar.

Genesis

Ath-sgrìobhadh a' Ghenesis Chrìostaidh mu dheidhinn cruthachadh an t-Saoghail.

Tràth-Eachdraidh nan Gàidheal

Tha seo a' tòiseachadh bho Àdhamh, Nòah is sliochd a mhac Iafeth (Eòrpaich is Àisianaich), is às dèidh sin, Fénius Farsaid, mac Mhagog, a bha am measg nan rìghrean a thog Tùr Bhàbeil agus a chruthaich Gàidhlig is Ogham. Phòs a mhac Nell nighean a' Phàraoh Èipheitich, Scota, agus `s e Goídel Glas am mac a bh' aca, rìgh nan Gàidheal a dh'fhàg an Èipheit leis a threubh aig an aon àm a thòisich an t-Ecsodus Iùdhach. Dh'fhuirich iad ann an Scythia airson greis is shiubhail iad fad 440 bliadhna bho dhùthaich gu dùthaich, gus do ràinig iad an Ibèir, far an do stèidhich iad rìoghachd. Bliadhnaichean às dèidh sin, stèidhich Breogán, rìgh nan Gàidheal, baile ann an taobh an iar-thuath na Spàinne ris an canar Brigantia, far a bheil Corùna san latha an-diugh, anns a' Ghàilis.

Cessair

'S e ogha Nòah a bh' ann an Cessair, a theich bhon Tuil Mhòr gu Èireann le 49 boireannaich eile is triùir fhear: Fintán mac Bóchra, Bith agus Ladra. Phòs Fintán Cessair, phòs Bith Bairrfhind agus phòs Ladra Alba. Ach ràinig an Tuil Mhòr is cha d'thàinig fear beò ach Fintán, oir chruth-atharraich e fhèin na bhradan, is dh'fhuirich e air a' mhuir airson 5,500 bliadhna, nuair a thill e dhan talamh gus an eachdraidh na h-Èireann innse.

Partholón

Cha robh duine sam bith a' fuireach ann an Èireann airson 300 bliadhna, gus an deach Partholón leis a threubh, sliochd Mhagog. Lorg iad faiche, trì lochan is naoidh aibhnichean, ach rinn iad ceithir faichean is seachd aibhnichean a bharrachd. Phòs Pantholón Delegnat is bha ceathrar mic aca a roinn an eilean eadar ceithir pàirtean. Shàbaid iad an aghaidh na Fomorianaich, muinntir leth-dhiadhaidh a bha air a rìghachadh le Cichol Gricenchos. Mu dheireadh, thàinig plàigh orra is bhàsaich iad uile ann an seachdain ach Tuan mac Cairill, a chruth-atharraich iomadh turas is a dh'innis an sgeul seo nuair a bha e na dhuine a-rithist, mar a rinn Fintán.

Nemed

Cha robh ann an Èireann ach fàsach airson 30 bliadhna, 's gun do ràinig 44 longan às a' Mhuir Chaspach. 'S e Sliochd Mhagog eile a bh' ann a bha air an stiùireadh le Nemed. Dh'fhosgail iad dà fhaich deug is stèidhich iad dà ghearasdan. Bhuannaich iad ceithir blàir an aghaidh na Fomorianaich, ach bhàsaich Nemed agus grunn de dhaoine air sgàth plàigh, is bha na Nemedianaich fo smachd dà rìgh Fomorianach, Conand agus Morc. Mar-sin, bha aca ri pàirt den chlann, arbhar is bhainne a thoirt orra gach Samhain, ach là a bh' ann thug iad ionnsaigh an aghaidh nam Fomorianach le 60,000 saighdear eadar a' mhuir is an talamh. Cha robh iad soirbheachail is chaidh a h-uile long fodha ach tè air an robh tritheadh duine. Dh'fhalbh feadhainn dhiubh dhan taobh tuath, buidheann eile a Bhreatann is feadhainn eile dhan Greug.

Fir Bolg

Ghlac na Greugaich an fheadhainn siud mar thràillean, is bha iad a' giùlan bhagaichean criadha airson 230 bliadhna, nuair a theich iad is b' urrainn dhaibh tilleadh a dh'Èirinn. Bha dà chinneadh ann, Fir Domnann agus Fir Gálioin, is còignear ceann-cinnidh a roinn an eilean eatorra. Fhuair Gann an taobh tuath Mumhain, fhuair Sengann an taobh deas Mumhain, fhuair Genann Connacht, fhuair Rudraige Ulaidh agus fhuair Slanga Laighean, is bha àrd-rìghrean ann airson 37 bliadhnan às dèidh sin.

Tuatha Dè Danann

Seo an fheadhainn a dh'fhalbh dhan taobh tuath. Thill iad le cumhachd dhraoidheil, 's mar sin bha iad a riochdachadh diathan pàganach na h-Èireann. Shàbaid iad an aghaidh nam Fear Bolg air a' Chiad Bhlàr Maigh Tuireidh is bhuannaich iad, ach urrainn don Fhir Bholg a bhith a' fuireach ann an Connacht co-dhiù. Air a' bhlàr a bha siud, chaill an rìgh Nuada a làmh no gàirdean is dhìobair e, ma-thà, 's e Bres (leth-Fhomorianach) an rìgh a bh' aig na Tuatha Dé bhon àm sin, ach às dèidh seachd bliadhnaichean rinn an lighiche Dian Cecht gàirdean airgid do Nuada is fhuair e an stiùireadh a-rithist. Aig an àm siud, shàbaid iad an aghaidh na Fomorianaich air an Dàrna Bhlàr Moytura, is mharbh Balor (Fomorianach) an rìgh Nuada, ach mharbh Lugh e, ogha Leth-Fhomorianach a bh' aige, gus a bhith na rìgh. Sin mar a bha rìoghachd fon stiùireachd na Tuatha Dé ann an Èireann airson 150 bliadhna a thuilleadh.

Mìle Spàinne

Thog Breogán, rìgh nan Gàidheal anns an Ibèir, tùr faisg air a' mhuir, is chunnaic Ìth, a mhac, pìos talamh air fàire. Sheòl e le iomadh long, is chuir na rìghrean Tuatha Dé (Mac Cuill, Mac Cecht is Mac Gréine) fàilte orra, ach bha na daoine-uasal farmadach, is mharbh iad Ìth. Mar sin, thill na Gàidheil dhan Ibèir, is dh'ullaich iad ionnsaigh airson Èirinn a thuineachadh. Nuair a bha iad faisg air a chosta chunnaic iad trì beanntan, Banba, Fódla is Ériu, a bha a riochdachadh an triùir rìgh. Thòisich geallann a bha gan cumail fada bhon eilean, ach sheinn Amergin pìos bàrdachd is stad a' ghaoth. Ma-thà, ged a thill a' mhòr chuid dhan Ibèir, b' urrainn do dhà long Èireann a ruigsinn. Fhuair iad, na Mìle Spàinne no Gàidheil, an t-eilean fhèin, far an do stèidhich iad rìoghachd, is chaidh na Tuatha Dé Danann dhan t-Saoghal Shìos no Saoghal nan Sìth.

Ri Linn nan Rìgh Pàganaich

Bha an t-eilean roinnte eadar Éber is Éremon, ach bhàsaich Éber às dèidh greis is b' e Éremon a' chiad rìgh na h-Èireann.

Ri Linn nan Rìgh Crìostail

Mu dheireadh, ràinig an creideamh Crìostail. Seo an leabhar as motha is coileanta, far an deach a sgrìobhadh mu na rìghrean Criostail anns na Meadhan-aoisean.

Fianaisean

O chionn ghoirid chaidh a dhearbhadh gu bheil tùsan fìrinneach air pàirt de na sgeulachdan seo. Ann an 2006, thaisbean an neach-saidheans agus fìor-eòlaiche mu ghintinneachd Bryan Sykes leabhar ris an canar Blood of the Isles, far an do mhìnich e mion-sgrùdadh gintinneach a rinn e anns a' Bhreatann Mhòr agus Èirinn air fad. Lorg e gu bheil a' mhòr chuid den ghintinneachd Bhreatannach is Èireannach ceangailte gu làidir ris an Spàinnt agus a' Phortagail, àite far an robh cànain Q-Ceilteach air a bhruidhinn.

Ceanglaichean a-mach

The article is a derivative under the Creative Commons Attribution-ShareAlike License. A link to the original article can be found here and attribution parties here. By using this site, you agree to the Terms of Use. Gpedia Ⓡ is a registered trademark of the Cyberajah Pty Ltd.