Joy Dunlop
| Joy Dunlop | |
|---|---|
| Beatha | |
| Breith | A' Choingheal a Tuath, |
| Dùthaich |
|
| Foghlam | |
| Foghlam | Sabhal Mòr Ostaig |
| Cànain |
Gàidhlig Beurla |
| Dreuchd | |
| Dreuchd | seinneadair, dannsair, neach-ciùil, craoladair agus neach-naidheachd |
| Fastaichean | An Comunn Gaidhealach (2004 - 2010) |
| Inneal-ciùil | guth |
| joydunlop.com | |
Tha Joy Dunlop na neach-ciùil, seinneadair agus dannsair-cèim às a' Choingheal ann an Earra-Ghàidheal, Alba.
Ceòl
Tha Joy air iomadh duais a chosnadh agus bidh i a' siubhal air feadh na Rìoghachd Aonaichte, na Roinn-Eòrpa, Canada, Sealainn Nuaidh agus nan Stàitean Aonaichte. Chaidh ainmeachadh mar 'Sheinneadair Gàidhlig na Bliadhna" aig Duaisean Ceòl Dùthchasach na h-Alba 2010 is 2011, agus choisinn i 'Duais Dùthchais' Fatea an 2010. Bhuannaich i bonn òir a' Chomainn Ghàidhealaich aig Mòd Nàiseanta Rìoghail 2010. Bhuilicheadh na h-urraman Seinneadair Dùthchasach Pan-Cheilteach na Bliadhna agus Sàr-dhannsair Pan-Cheilteach Eadar-nàiseanta oirre an 2015 - b' ise a' chiad neach a-riamh a bhuannaich san dà roinn-sheòrsa.
Albaman
- Dùsgadh (2010)[1]
- Fiere (còmhla ri Twelfth Day, 2012)[2]
- Faileasan (2013)[3]
- Dithis (còmhla ri Andrew Dunlop, 2020)[4]
- Caoir (2023)[5]
Tùsan
- ↑ “Dùsgadh (Awakening)”. Bandcamp. Air a thogail 24mh dhen Mhàrt 2023.
- ↑ “Fiere”. Bandcamp. Air a thogail 24mh dhen Mhàrt 2023.
- ↑ “Faileasan”. Bandcamp. Air a thogail 24mh dhen Mhàrt 2023.
- ↑ “Dithis”. Bandcamp. Air a thogail 24mh dhen Mhàrt 2023.
- ↑ “Caoir”. Bandcamp. Air a thogail 24mh dhen Mhàrt 2023.
Ceanglaichean a-mach
- “Dunlop, Joy (8467)”. Tobar an Dualchais. Air a thogail 11mh dhen Lùnasdal 2023.
- Joy Dunlop June 2015 Newsletter
Seinneadairean Gàidhlig
| Seasaidh NicLachlainn • Marsaili NicUalraig Fhriseal • Uilleam MacMhathain • Ceana Chaimbeul • Seumas Caimbeul • Anna Latharna NicGillÌosa • Christine Primrose • Maighread Bennett • Maighread Stiùbhart • Anna Mhàrtainn • Brian Ó hEadhra • Màiri Anna NicUalraig • Caitlin NicAonghais • Julie Fowlis • Joy Dunlop • Griogair Labhruidh • Alasdair MacIlleBhàin • Ellen NicDhòmhnaill |
